|
[ti:0] |
|
[ar:0] |
|
[al:0] |
|
[offset:0] |
| [00:10.31] |
Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein |
| [00:14.64] |
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran |
| [00:19.54] |
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach |
| [00:23.67] |
Seinn fo sgàil nan geugan uain |
| [00:28.81] |
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh |
| [00:34.25] |
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt |
| [00:39.02] |
Nuair a sheinn an òigh gu cianail |
| [00:43.76] |
“Tha mo ghaol air àird a' chuain” |
| [00:50.41] |
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling |
| [00:54.60] |
'S lùb am braon gu caoin na flùrain |
| [00:59.61] |
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh |
| [01:03.71] |
Beatha 's ùrachd do gach cluan |
| [01:09.21] |
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain |
| [01:13.38] |
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an g-mhìos |
| [01:18.14] |
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh |
| [01:22.69] |
“Tha mo ghaol air àird a' chuain” |
| [01:29.19] |
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan |
| [01:33.09] |
Sheòl an rè measg neul nan speuran |
| [01:38.56] |
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh |
| [01:42.60] |
'S cha robh dèigh air tàmh no suain |
| [01:47.83] |
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean |
| [01:51.98] |
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh |
| [01:57.69] |
O bu bhinn a caoidhrean brònach |
| [02:01.99] |
“Tha mo ghaol air àird a' chuain” |
| [02:09.07] |
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh |
| [02:13.04] |
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul |
| [02:18.92] |
'S i ag ùrnaigh ris an rd-Rìgh |
| [02:23.46] |
“Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain” |
| [02:29.30] |
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh |
| [02:33.75] |
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i |
| [02:39.25] |
“Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt |
| [02:44.27] |
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain” |